2012-04-02

JR Stèisean Tòcèo ìre mhath deiseil

Tha leigheas an Stèisein Tòcèo ìre mhath deiseil.

Bha na bomaichean leagte às na B29 Bomadairean air an stèisean a mhilleadh ann an 1945 ann an Dara Cogadh Mòr. Bha air ga leigheas mar thogalach le dà làr ann an 1947 ged a bha a' chiad Shtèisean Tòcèo air togail mar thogalach le trì làran.

Stèisean Tòcèo Ùr

Ach thòisich plana a thogail an togalaich sa chiad chumadh ann an 80an agus thòisich an togalach ann an 2007.

Bidh an togalach deiseil san Og-mhios agus Taig-òsda Stèisean Tòcèo fosgailte san Damhair ann.


Long Aegis a' falabh Pòrt Yokosuka

Sa mhadainn air an 31 den Mhàrt dh' falbh Kirishima, lang Aegis Pòrt Yokosuka airson sùil a chùmail air na urchairean a tha dùil aig Korea Tuath a chur a-mach. Bidh e a' feitheamh sa Mhuir Shìneaich an Ear fon t-suidheachadh-èiginn far a bheil e deiseil airson na urchairean a losgadh sìos.

Kirishima

Tha SM3, na urchairean ceapaidh bonntaichte-air-a-mhuir air Kirishima. Bidh e a' feitheamh air a mhuir còmhla ris dà lang Aegis agus loisgidh iad na urchairean sìos ma bhios iad a' dol air Iapan.

Bidh PAC3, Patriot, na urchairean ceapaidh bonntaichte-air-an-tìr deiseil air Eilean Miyako cuideachd.

PAC3, Patriot ann an Kure, Hiroshima

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012033101001460.html?ref=rank

2012-03-31

Bàs den Koala as sìne

Ann an Su Higashiyama sa mhadainn air an 30mh den Mhàrt thug neach-su an aire gu bheil Ramu air a bhàsachadh. Fhuair e bàs nàdarra. 'S e an Koala as sìne ann an Iapan a bh' ann agus bha e 23 bliadhna agus 11 mìosan a dh'aois.

Tha beatha chumanta aig Koala fada mu 12 bliadhna agus bha Ramu fìor shean. Thuit e à craobh gu tric o chionn ghoirid.

Rugadh e ann an Su Tama ann an 1988 agus thàinig e do Shu Higashiyama ann an 1989. Thuirt aon den luchd-su, "Bha nàdar sàmhach air Ramu. Dh'itheadh agus chataileadh e gu math. Leis an sin bheireadh e beatha fhada."

Ramu

Yahoo News: http://headlines.yahoo.co.jp/hl?a=20120330-00000567-yom-soci

2012-03-30

An t-Iapanais as Beartaiche

Thug Forbes, iris an eaconomaidh Aimeireaganach cunntas "Iapanaise beartach" agus 's e an t-iapanais as beartaiche a th' ann an Tadashi Yanai, cathraiche agus stiùiriche riaghlaidh de Fast Retailing a tha a' sealbhachadh Uniqlo, bùthan na aodaiche tuiteamach. Tha mu 880 billean yen de bheartas aige. 'S e an t-iapanais as beartaiche a bh' ann air a' chunntas ann an 2010 cuideachd.

Tadashi Yanai

'S e an dara Iapanais as beartaiche a th' ann an Nobutada Saji, stiùiriche riaghlaidh de Suntory agus tha 650 billean yen aige. 'S e an treas Iapanais as beartaiche a th' ann an Masayoshi Son, stiùiriche riaghlaidh de SoftBank agus tha 570 billean yen aige.

Nobutada Saji

Masayoshi Son

Japan's 40 Richest (Forbus): http://www.forbes.com/sites/tatianaserafin/2012/03/28/japans-40-richest/
Uniqlo: http://en.wikipedia.org/wiki/Uniqlo
Suntory: http://en.wikipedia.org/wiki/Suntory
SoftBank: http://en.wikipedia.org/wiki/Soft_Bank

2012-03-28

NO NUKES 2012

Bithear a' cumail "NO NUKES 2012", fèis a thrèigsinn ionadam niucleasach air an 7 agus 8 Iuchar ann an Makuhari Messe. Thog Ryuichi Sakamoto, ceòladair eadar-nàiseanta ainmeil am plana agus bidh Yellow Magic Orchestra, Asian Kung-fu Genaration agus Kazuhiro Saito a' cluich. Bithear a' toirt a h-uile buannachd do còmhlain pobaill a tha an aghaidh nan ionadan niucleasach.

Masafumi Goto agus Ryuichi Sakamoto

Thuirt Ryuichi Sakamoto, "Seo tachairtas an aghaidh nan ionadan niucleasach. Thachair sgiorradh ann an onad niucleasach agus tha mi air a bhith a' smaoineachadh dè bu chòir dhomhsa. Mar cheòladair bu toigh leam mo bheachad a nochdadh gu soilleir."

Ticead aig JPY6,800 gach lath. Ticead dà latha aig JPY13,000. Airson mion-fhiosrachadh e-mail: info@nonukes2012.jp

Ryuichi Sakamoto: Ceòladair eadar-nàiseanta ainmeil a rinn ceòl de na filmaichean; Merry Christmas Mr Lawrence, Last Emperor, The Sheltering Sky agus tuilleadh.

2012-03-27

Nissan a' nochdadh Batmobile

Air an 15mh dhen Mhàrt ann an Lunnainn chaidh "Deltawing" a nochdadh le Nissan. Bidh an càr a' ruith ann an Le Mans, an rèis mòtair a mhaireas 24 uairean. Bidh an càr a' ruith mar chàr deuchainne agus cha bhi e a' toirt dùbhlan dhan chliù. Tha e coltach ri "Batmobile" aig a bheil "Batman".

Nissan Deltawing

'S e Deltawing Racing Cars a dhealbh an càr agus chan eil air an càr ach mu leth bacadh-èadhair (air resistance) no mu leth tomhas de na càraichean eile. Tha Nissan a' toirt einnsein-turbo de 300 cumhachd-eich leis na ceithir siolandairean dhan chàr.

Ann an Lunnain

Thuirt Andy Palmer Iar-cheann-suidhe Gnìomhach, "Le seo tha cothrom aig Nissan a dhol na phàirt de phròiseact ùr-ghnàthaichte, feara dh’fhaodadh cumadh a thoirt air spòrs-mòtair san àm ri teachd."

Bidh Marino Franchitti agus Michael Krumm ga dhràibheadh.

cnn.co.jp: http://www.cnn.co.jp/business/30005926.html
Deltawing Racing Cars: http://deltawingracing.com/
Nissan: http://www.nissan.co.jp/EN/index.html?rstid=20110527rst000000202


   
Nissan Deltawing

Baimobile air an fhilm


2012-03-26

Prìomhair Kan: Bhitheadh Iapan a' tuiteam!

Tha an aire air tort gu bheil clàr ann air a bheil TEPCO (Buidheann Dealain Tòcèo) a' cur a' chòmhraidh mhionaideach eadar Prìomhair Kan agus an luchd-gnìomha de ThEPCO air clàr nuair a bha TEPCO ag iarraidh Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi fhagail air an 15 Màrt an-uiridh.

Naoto Kan, am prìomhair eadar an 8 Og-mhios 2010 agus an 13 Iuchar 2011

Tha e a nochdadh gun tug Prìomair Kan gairm làidir.

Air dha ruigsinn air a' phrìomh-oifis de ThPCO thuirt e "Nam biodh na cùisean a' dol air an aghaidh, bhitheadh Iapan a' tuiteam! Nam bhiodh sibh a' fagail an ionad niucleasach, bhitheadh na readhactaran agus an connadh air a mhilleadh agus na susbaintean rèidio-bèo air an spreadhadh. Bidh an rèididheachd dà no trì tursan nas treasa na Chernobyl agus feumaidh sibh a thuigsinn dè a bhitheas a' tachairt! Nam biodh sibh ga fagail, bhitheadh TEPCO air briseadh gu 100%. Chan fhaod sibh a dhol às! "

Tha an aire air toirt gun robh an riaghaltas eòlach air a dh'aithghearr an dèidh an tsunami gum bu eagal gum biodh na readhactaran agus an connadh air a mhilleadh agus na susbaintean rèidio-bèo a' ruigsinn air Tòcèo. Bha na cùisean uamhasach cunnartach.

Nam bhiodh TEPCO a' fagail an ionad Niucleasach, bhitheadh iomadh duine (30 no 50 millean?) a' fulaing rèididheachad agus cha biodh gin a' fuireach ann an Tòcèo agus sgirean an ear. Bha Prìomhair Kan ceart. Bhitheadh Iapan a' tuiteam!

Chugoku News: http://www.chugoku-np.co.jp/News/Sp201203150057.html
Daily Yomiuri: http://mdn.mainichi.jp/mdnnews/news/20120315p2g00m0dm108000c.html