2012-03-26

Prìomhair Kan: Bhitheadh Iapan a' tuiteam!

Tha an aire air tort gu bheil clàr ann air a bheil TEPCO (Buidheann Dealain Tòcèo) a' cur a' chòmhraidh mhionaideach eadar Prìomhair Kan agus an luchd-gnìomha de ThEPCO air clàr nuair a bha TEPCO ag iarraidh Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi fhagail air an 15 Màrt an-uiridh.

Naoto Kan, am prìomhair eadar an 8 Og-mhios 2010 agus an 13 Iuchar 2011

Tha e a nochdadh gun tug Prìomair Kan gairm làidir.

Air dha ruigsinn air a' phrìomh-oifis de ThPCO thuirt e "Nam biodh na cùisean a' dol air an aghaidh, bhitheadh Iapan a' tuiteam! Nam bhiodh sibh a' fagail an ionad niucleasach, bhitheadh na readhactaran agus an connadh air a mhilleadh agus na susbaintean rèidio-bèo air an spreadhadh. Bidh an rèididheachd dà no trì tursan nas treasa na Chernobyl agus feumaidh sibh a thuigsinn dè a bhitheas a' tachairt! Nam biodh sibh ga fagail, bhitheadh TEPCO air briseadh gu 100%. Chan fhaod sibh a dhol às! "

Tha an aire air toirt gun robh an riaghaltas eòlach air a dh'aithghearr an dèidh an tsunami gum bu eagal gum biodh na readhactaran agus an connadh air a mhilleadh agus na susbaintean rèidio-bèo a' ruigsinn air Tòcèo. Bha na cùisean uamhasach cunnartach.

Nam bhiodh TEPCO a' fagail an ionad Niucleasach, bhitheadh iomadh duine (30 no 50 millean?) a' fulaing rèididheachad agus cha biodh gin a' fuireach ann an Tòcèo agus sgirean an ear. Bha Prìomhair Kan ceart. Bhitheadh Iapan a' tuiteam!

Chugoku News: http://www.chugoku-np.co.jp/News/Sp201203150057.html
Daily Yomiuri: http://mdn.mainichi.jp/mdnnews/news/20120315p2g00m0dm108000c.html

No comments:

Post a Comment