2011-12-03

Càr Teachdail

Air an 30, thathar a' cumail An 42mh Sealladh Motair Tòcèo 2011 ann an Tokyo Big Site. An sin, nochd Daihatsu, buidheann chuir càr ùr ris a chanadh Pico. Tha mi airson a ràdh gun do ghluis an càr mi gu mòr.

Pico
 

Tha Daihatsu air a dhèanamh airson daoine sean a tha a' dràibheadh timcheall baile. Tha dà dh'àite-suidhe ann. 'S e càr dealain a tha ann agus the an t-asdar as luaithe 50 km san uair. Tha e a' dol fada 50 km le làn de dhealan. Ma bhios dràibhear airson a dhràibheadh gu slaodach, tha roghainn leis an asdar as luaithe aig 8 km san uair ann. Thathar ag ràdh gum bheil an roghainn seo feumail a dhràibheadh air an rathad cumhang.

A' nochdadh an asdair an làthair

Tha gach mothaichear air an da chuid de a bheulaibh agus dhruim a nochdidh gu bheil cuideigin no rudeigin air a chùrsa agus stadaidh an càr gu fèin-ghluasadach ma bhios iad faisg air. Bheir e fios dhan chàr leantail leis an solas dearg, ma bhios e ro fhaisg air. Tha Pico làn de dhreuchd a bhacadh sgiorraidh a tha daoine sean furasda a thachart.

Am foillseachadh a' nochdadh daoine air a bheulaibh

Tha dùil aig Daihatsu Pico, an càr seo a reic aig prìs nas saoire na 800 mìle yen!

Tha mi a' smaoinntinn gu bheil an càr seo glè mhath ach bu toigh leam a ràdh gu sònraichte gu bheil a h-uile dreuchdan ùr, a tha aig Pico, feumeil do a h-uile dràibhear. Bu choir do a h-uile càr na dreuchdan fhaighinn.

Chan eil càr sàbhailte idir an diugh. Tha iomadh sgiorradh càir a' tachairt a h-uile lath. Tha càr luath gu lèor. Thàinig an t-àm a chleachdadh tuilleadh teicneolas agus airgead airson sàbhailte nan càraichean.

Sealladh Motair Tòcèo 2011: http://www.tokyo-motorshow.com/en/
Daihatsu: http://www.daihatsu.com/

2 comments:

  1. Tha sin uabhasach fhèin inntinneach.

    ReplyDelete
  2. Mòran taing airson ur teachdaireachd. Tha mi toilichte a chluinntinn gu bheil ùidh agaibh air an alt seo.

    ReplyDelete