2011-12-30

Oidhche-Challainn ann an Iapan

Ron Oidhche-Challainn, bidh sinn a' glanadh an taighe gu math agus a' foillseachadh Shimekazari, an triopall traidiseanta air an doras. Tha seo a' tighinn à Shinto, aon de creideamhan Iapanach bho thùs ach thathar ag ràdh gu bheil e a' cur às dhan olc agus bidh iomadh duine ga fhoillseachadh.


Shimekazari

Bidh sinn a' foillseachadh Kagamimochi san taigh cuideachd. 'S e foillseachadh le Mandairinis agus Mochi, cèic rìs a tha ann. Tha seo a' tighinn à Shinto cuideachd ach thathar ag ràdh gu bheil seo a' toirt sonas agus am foillseachadh seo glè phoibleach.


Kagamimochi

San Oidhche-Challainn, tha e cumanta a dh'ithe dinneir mhath ach e traidiseanta a dh'ithe Soba, nùdail traidiseanta. Thathar ag ràdh gu bheil Soba na Oidhche-Challainn a' toirt slàinte agus fad-shaoghalachd. Carson? Tha mi a' cluinntinn gur e a chionn 's gu bheil Soba fada.


Soba

An dèidh dinneir, cluinnidh sinn fuaim à cluig nan teampaill agus dheibh sinn Callainn aig an taigh. Tha fuaim na cluig a' còrdadh ruinn. Thathar ag ràdh gum bi am fuaim a' glanadh inntin na daoine.


Clug nan teampall

Bidh iomadh daoine a' tadhal air Creacaran Shinto no a' dol a-mach airson èirigh na grèine a shealladh. Tha dùil againn a bhith aig an taigh.

Shinto: http://en.wikipedia.org/wiki/ShintoShimekazari: http://en.wikipedia.org/wiki/Shimenawa
Kagamimochi: http://en.wikipedia.org/wiki/Kagami_mochi
Soba: http://en.wikipedia.org/wiki/Soba

No comments:

Post a Comment