2011-12-11

Feis Àrd-sgoile

Ann an Okinawa air an 5, tha duine air casaid a thogail an aghaidh àrd-sgoile dha an robh e a' buntainn. Tha e ag ràdh gun tug am maighstir-sgoile breith gu neo-riaghailteach gun do rinn e obair-chraicinn le sgoilear eile agus tha e air ga fhuadachadh às an sgoil.

Tha e ag ràdh gun do chuir na tidsearan dhan sheòmar ciùil e a h-uile lath, gun robh iad a' sparradh e air a h-aideachadh gun do rinn e obair-chraicinn, nach do rinn e rud mar sin idir ach gun robh e air a h-aideachadh sin a dhèanamh a chionn 's gun robh cuireadh a h-uile lath agus gach sparradh nan tidsearan glè chruaidh.

Tha e a' tagairt nan breithean cheàrr aig a' mhaighstir-sgoile agus 5.85 millean yen airson a bheud dh'inntinneil.

Tha an oifis na sgìre Okinawa, aig a bheil agus a tha a' obrachadh an àrd-sgoil, ag ràd gum bithear a' nochdadh an fhìrinn sa chùirt agus nach luaidh iad mu dheidhinn a-nis.

Okinawa Times: http://www.okinawatimes.co.jp/article/2011-12-06_26950/
Okinawa: http://en.wikipedia.org/wiki/Okinawa_Prefecture (Beurla)
Oifis na sgìre Okinawa: http://www.pref.okinawa.jp/english/index.html (Beurla)

No comments:

Post a Comment