2011-12-31

Callainn dh'Iapanach

Tha sinn a' cantainn Sanganichi ri Callainn, an dàra lath agus an treas lath den Fhaoilleach agus 's iad làithean saora.

Air Callainn, bidh sinn ag ithe Zohni, brot le cèic rìs agus iomadh biadh ris a chanadh Osechi. Bidh mòran daoine a' còcaireachc Osechi aig an taigh ach Osechi air a reic sna bùthan cuideachd. Uair bha sinn ag ithe Zohni agus Oseach troimh na trì làithean ach an diugh tha sinn ag ithe biadh eile cuideachd.


Osechi

Bidh cairtean bliadhna ùr air a liubharadh ann an Callain. Bidh mòran daoine a' dol dhan creacaran no air cheilidh air na luchd-dàimh. Tha e traidiseanta a toirt airgead dhan chlann nan luchd-dàimh. Tha sinn a' cantainn Otoshidama ris an airgead seo.

Bha a' chlann a' cluich geamannan traidiseanta mar Sugoroku no Fukuwarai ach tha iad a' cluich geamannan an lath diugh. Tha geamannan Bhideo a' còrdadh riutha cuideachd.


Sugoroku


Fukuwarai

Osechi: http://en.wikipedia.org/wiki/Osechi (Beurla)
Sugoroku: http://en.wikipedia.org/wiki/Sugoroku (Beurla)
Fukuwarai: http://en.wikipedia.org/wiki/Fukuwarai (Beurla)

No comments:

Post a Comment