2011-12-08

Ceud Mìle Fàilte bho na 98 buill-pàrlamaid do Muneo Suzuki fo chead-saoraidh

Tha Muneo Suzuki air a chur fo chead-saoraidh. 'S e ball de Thaigh nan Cumantan, Ministear na Staide, Rùnaire an Leasachaidh Hokkaido, Rùnaire an Leasachaidh Okinawa agus Leas-rùnaire Comhairle-phàrlamaida a bha ann. Ach fhuair e brìbe agus chleachd e a chumhachd poileataiceach gu mì-laghail anns na seachd gnothaich poblach agus thogadh casaid 'na aghaidh mu dheidhinn ceitheir dhiubh.

Chaill e a h-uile tiotal poblach. Thugadh binn a mach 'na aghaidh agus chaidh 11 millean yen a chàin agus dà bhliadhna de phrìosan air.

Air an 6 Dùbhlachd, tha e air a chur fo chead-saoraidh agus thàinig e air ais dhan t-saoghail saor. Co-dhiù, tha e fo chead-saoraidh fhathast agus gun dlighean an t-sluaigh fada còig bliadhna. Chan eil mi a' smaoinntinn gum bi e a' gnìomhachadh gu poileataiceach a-rithst. Ach...

Muneo Suzuki

Tha pàrtaidh air a chumail agus chuir 98 buill-pàrlamaid dha fàilte. Tha fios agam gun robh cuid dhiubh a' cur 'na aghaidh, a' cantainn "stòr mòr de dh'amharas" ris agus a' feuchainn a thilg a-mach às a phàrlamaid beagan bliadhna air ais. Chan eil adhbhar aca a chur dha fàilte idir!

Cha bhi e air ais dhan phàrlamaid gu bràth. Ach chan eil mi toilichte idir gu bheil buill-pàrlamaid mar iad  a' gnìomhachadh sa phàrlamaid.

Dè an t-amharas a tha dùil aca a cheannach san stòr mòr? Chi mi sin.



No comments:

Post a Comment