2011-12-14

Chan eil Tòcèo Sàbhailte idir!

Mu 3:20 feasgar air an 12, bha fear (56 a dh'aois) a' cuairt ann an Pàirc Shakujii, Tòcèo. Thàinig 5 no 6 fir dha agus dh'iarr iad airgead air. Cha robh ach 500 yen aige. Bhuail iad e, chuir iad a bhriogais dhe agus thilc iad dhan linne fhuair e. Agus chaidh iad air falbh le 500 yen.

Chaidh am fear sin dhan mhion-mhargadh (minimart) faisg air a phàrc agus chuir e fòn dhan pholeas.

Tha am poleas ag ràdh gu bheil fear eile air a bhualadh mu 5 uair feasgar air an 11 agus fear eile air a bhualadh san Samhain san phàirc.

MSN: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/111212/crm11121214230011-n1.htm

Pàirc Shakujii

No comments:

Post a Comment