2012-02-02

Disney Brèige

Air an 28 Faoilleach, tha neach-dèanamh-prògramain air a nochdadh gun d'fhuair e post-dealain bho Disney. Chanadh Kotoha ris air eadar-lìon. Bhe e a' nochdadh Hanako, an nobhail aige air an làrach-lìn aige agus tha i a' còrdadh ri mòran daoine.

Bha e a' dèanamh geama eile cuideachd far a bheil Mickey Mouse ga nochdadh mar nàmhaid ris a chanadh "Luch Dhubh". Agus tha an litir bho Disney ag ràdh gun robh an caothach dearg orra agus tha iad a' dol a thogadh casaid an aghaidh airson stad a dhèanaimh agus 6 mllean yen de na callaidhean.

Bha an t-eagal air Kotoha agus tha e air an làrach-lìn a dhùnadh agus stad a chur do a h-uile obair mar neach-dèanamh-prògramain. Ach...

An geama a bha Kotoha a' dèanamh.

Air dha a dhol ann an dàil Disney, tha e air a chluinntinn nach eil gnothach sam bith aig Disney ris na litrichen sin idir. 'S e litrichean brèige a bha annta!

Ach bha e air oillteachadh gu trom. Tha briseadh slàinte na h-inntinn air agus tha e ag ràdh gu bheil e aindeònach a bhith a' dèanamh geama sam bith agus gum bi e a' fagail eadar-lìon.

Bha e mì-chùramach ach tha mi a' faireachdainn beagan co-mhothachadh dha. Agus tha mi a' smaoinntinn gum feum mise a bhith cùramach gu lèor.

B! News: http://b.hatena.ne.jp/articles/201201/7433
@kotoha_amorico: https://twitter.com/#!/kotoha_amorico
Hanako: http://hanakovn.web.fc2.com/

Hanako

No comments:

Post a Comment