2012-02-05

Setsubun: An Lath ron Toiseach an Earraich

B' e Setsubun air an 3 Gearran. 'S e an lath ron tiseach an Earrach a tha ann an Setsubun. Tha mi air pònairean sòighea ròiste a channach. O chionn fhada、thathar ag ràdh gum bi spioratan orca gan nochd air an lath. Tha mi air na uinneagan a fhosglad agus, gan tilgeadh san taigh agus ghairm mi "Falbh a-mach, Oni! Thig a-steach, Sonas!" Bhuail na pònairean tilgte dhan bhalla agus làr agus rinn iad am fuaim. Thathar ag ràdh gum bi am fuaim air às a chur dha na spioratan orca bhon taigh. Tha e traidiseanta cuideachd ceann an sàrdain agus géig a' chuileainn a crochadh air a' gheata ged nach eil mi ga dhèanamh. Tha seo a' cur às dha na spioratan orca cuideachd.

Ceann an sàrdain agus géig a' chuileainn

Tha iomadh seòrsa spioratan orca ann an Iapan ach tha Oni ainmail mar spioratan orca a tha a' nochdadh air Setsubun. 'S iad uabhais coltach ri samhanach le adhrc no dha. Tha an corp dearg no gorm agus féithean-móra orra. Tha iad gleadhrach gu cumanta ach càirdeil uaireanan.

Oni

Ann an beagan roinnean, tha a' mhuinntir a' smaointinn gur e basaillean a' dhè a tha annta agus tha iad a' gairm "Thig a-steach, Oni! Thig a-steach, Snas!"

Setsubun: http://en.wikipedia.org/wiki/Setsubun (Beurla)
Oni: http://en.wikipedia.org/wiki/Oni_(folklore) (Beurla)

Na pònairean sòighea ròiste a cheannaich mi. Thug am buth dhomh masc de Oni.

No comments:

Post a Comment