2012-02-17

Iompaire a' tighinn a-steach dhan Ospadal

Sa mhadainn air an 17 Gearran, thàinig Iompaire a-steach do dh'Ospatal Oilthigh Tòcèo airson opairèisean an rathaid-seachnaidh air a chridhe.

Dh'fhalbh Iompaire agus Ban-iompaire Lùchairt Ìmpireil agus ràinig iad air an ospadal mu 10:15 sa mhadainn. Chuir Takashi Kadowaki, Stiùiriche an Ospadail, Àrd-ollamh Ryozo Nagai agus mu cheud duine (euslainteaich agus na teaghlach) fàilte dhaibh aig a' gheata.


Iompaire, Ban-iompaire, Takashi Kadowaki, Stiùiriche an Ospadail agus Àrd-ollamh Ryozo Nagai

San seòmar shònraichte air an 14mh làr, bha Iompaire a' coinneachadh ri Àrd-ollamh Amano Atsushi agus Àrd-ollamh Minoru Oda, an dotair am bi a' dèanamh an opairèisean.

Bidh Ban-iompaire a' fuireach san ospadal a-nochd. Bidh Iompaire a' gabhail soilleireachadh mu dheidhinn an opairèisean air an 17. Bidh an opairèisean a' toiseachadh mu 9:30 sa mhadainn air an 18 agus a' cumail airson mu còig uairean. Bidh Iompaire a' dol air ais dhan lùchairt ann an dà seachdainn ma bhiodh rudan a' dol gu ceart.

Biodh Prionnsa Naruhito a' gabhail cùisean oifigeil nuair a biodh Iompaire san ospadal.

No comments:

Post a Comment