2012-02-28

Tinneas an Fheòir a' tòiseachadh ann an Sgìre Kanto

Air an 27 Gearran, tha Weather News air a nochdadh gu bheil tinneas an fheòir a' tòiseachadh ann an Sgìre Kanto a tha a' cur Tòcèo agus sia siorramachdan timcheall air a' phrìomh-bhaile san àireamh. Tha an lath 10 laithean nas fhadalaiche na an cuibheas agus thathar ag ràdh gum bi an àireamh aig 30-50% den cuibheas.

Na poileanan as a' chraobh-seudair

Bha i a' fàs nas blàithe mun t-seachdain seo chaidh agus thòisich na craobhan-seudair a bhith a' cur nan poileanan.

Tha còrr is 1,000 mothaichear-poileain aig Weather News air feadh Iapain agus tha iad air a dhearbhadh còrr is 30 cunntasan aig 21 mothaichear-poileain bho na 69 fir ann an Sgìre Kanto.


Tha coilltean-seudair mòra ann an Sgìre Kanto agus bidh iomadh daoine a' fulaing tinneais an fheòir a h-uile bliadhna. Tha Tha Ministreachd na Slàinte, a' Chosnaidh agus na Sochair ag ràdh gu bheil 30% den a' mhuinntir Iapanach a' fulaing tinneais an fheòir.

Asahi.com: http://www.asahi.com/national/update/0227/TKY201202270284.html
Weather News: http://weathernews.com/global.html(Beurla)

Cèoach leis na poileanan

No comments:

Post a Comment