2012-02-22

Tachartas Sneachda air a Chur Dheth

Air an 21, bha Cathair Naha, Okinawa a' planadh tachairtas sneachda airson nan cloinne a chumail air an 23 ach rèitich i ga cur dheth.

Tha Feachd Fèin-Dhìonachd air 630 cileagram de shneachda a chur do Naha bho dh'Aomori leis am plèana cuairteachian. Bha sgrùdadh air a dhèanamh air an sneachda agus tha an t-sàbhailteachd air a dhearbhadh. Bha a' chathair deiseil an tachartas a chumail.

Ach thug na fulangaichean à Fukushima, Miyagi agus Iwate, a tha a' fuireach ann an Naha gu neo-bhuan, guth dhan chathair mar "Tha rèididheachd san sneachda agus 's dòcha gum bi a' chlann ga fulangas" agus an aghaidh.

Air an 20, bha a' chathair a' cumail coinneimh airson nan fulangaichean ach thug iad guth mar "Chan eil an soilleireachadh oifigeil aig an riaghaltas agus na comhairlean urrasach" agus cha do ghabh iad ris an t-soilleireachadh a' chathrach. Agus rèitich i ga cur dheth.

An aon thachartas an-uiridh

Biodh e an 18th turas ma biodh an tachartas air a chumail. 'S e eilean iar-dheas gun shneachda a tha ann an Okinawa agus bha an tachartas a' còrdadh ris a' chlann a h-uile bliadhna.

Yomiuri News: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120221-OYT1T01116.htm?from=y10

No comments:

Post a Comment