2012-02-10

Taic Theachd-a-steach gu Fear Beartach

Tha Poileas Òsaka air Akihito Kurono a chur ann an greim. Bha e ag innse breug dhan oifis de Roinn Sumiyoshi mar nach eil air a bhith a' faighinn teachd-a-steach sam bith idir. Agus tha e air a bhith a' faighinn 32 millean de thaic theachd-a-steach am feadh 6 bliadhna gu leth eadar an t-Iuchar 2005 agus am Faoilleach 2012.


Oifis de Roinn Sumiyoshi


Bha e a' reic bathair aig tachairtais air feadh Iapan agus tha e air a bhith a' dèanamh 700-1,000 mìle de phrothaid gach mìos. 'S e ceannard de aon de na buidheanan nàiseantaich uair cuideachd.

Bha e a' cumail beatha bheartach aig an taigh aig a bhràmair agus cha d'fhuair na oifigearan lorg a bheatha fhìor idir ged a chaidh iad airson coinnicheadh ris aig a thaigh ann an Sumiyoshi.

Thuirt e "Bha dùil agam an uiread fhaighinn is a ghabhas de airgead."

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/news/category/article/g=96958A9C93819695E2EAE2E29A8DE2EAE2E0E0E2E3E09191E2E2E2E2;at=ALL

No comments:

Post a Comment