2012-02-07

Fèis Sneachda Sapporo

Air an 6 Gearran, tha Fèis Sneachda Saporo air fhosgladh ann an Sapporo, Hokkaido. Tha 230 ìomhaighean sneachda mar caisteal agus cluicheadair buill-choise air a nochdadh ann an trì àitean; Pàirc Rathaid Mhòir, Susukino agus Tsudome.

Bithear a' cumail an fhèis dhan 12 Gearran. Bithear a' nochdadh a' shoillseachaidh nochd ann an Pàirc Rathaid Mhòir agus Susukino.


2012-02-06

Sgeul de Dhà Bhodach agus Oni

Seo sgeul seann agus ainmeil à Iapan. Tha mi an dòchas gum bi e a' còrdadh ruibh.

***

Lath a bha siud bha dà bhodach ann. Bha pait aig gach bodach air an peirceall agus iad grànnda. Ach bha aon dhiubh cridheil agus aon eile reasgach.

Latha dhe na làithean, chaidh am bodach cridheil dhan choile airson connadh. Bha an t-uisge aige agus air dha fheitheamh san sloc craoibhe, chaidh e a chadal.

Bha e anmoch feasgar nuair a dhùisg e. Chaidh an t-uisge air falbh. Chunnaic e braidseal agus chuala e cèol fada bhuaithe. Choisich e dhan bhraidseal sius.

Air dha a bhith a' tighinn, bha e iongantach gun robh iomadh Oni ag òl, a' seinn agus a' dannsadh timcheall air a' bhraideal. Bha e ga shealltainn car greis ach thòisich e air dannsadh gu toilichte agus bha e air ga nochdadh faisg air a' bhraideal. Air dhaibh ga fhaicinn, dh'fhàs a h-uile Oni toilichte agus thuirt aon dhiubh "Abair bodach sunndach! Tha do dhannsa cho math, chan eil thu coltach ri daonna!" Bha iad a' dannsadh comhla ri linn oidhche agus spors math aca.

Bha iad a' dannsadh comhla

Nuair a bha e airson a dhol dhachaigh, thuirt aon dhiubh "Cuirinn às do phait grànnda air do pheirceall" agus chuir e carr anns a' phait. Bha e ionngantach gun do dh'fhalbh am pait a-mach agus dh'fàg a pheirceall cuimir gun chreuchd. Bha e glè thoilichte agus a' dol dhachaidh.

Air dhan bhodach reasgach ga fhaicinn, bha iongnadh air agus chuir e ceist mar "Carson a tha do pheirceall cho cuimir?" Dh'inns e a sgeul dha. Bha am bodach reasgach dèonach a bhith gun pait.

Chaidh am bodach reasgach a-mach dhan àite a chuala e bhon bhodach chridheil. Chunnaic e braidseal agus chuala e cèol fada bhuaithe. Choisich e dhan bhraidseal sius.

Air dha a bhith a' tighinn, bha e iongantach gun robh iomadh Oni ag òl, a' seinn agus a' dannsadh timcheall air a' bhraideal mar a sgeul . Bha e ga shealltainn car greis agus an t-eagal air. Ach bha e airson peirceall cuimir agus chaidh e do Oni airson a dhannsa a nochdadh. Ach cha robh e a' dannsadh gu math idir. Air dhaibh ga fhaicinn, dh'fhàs a h-uile Oni mì-thoilichte agus thuirt aon dhiubh "Abair bodach gruamach! Tha do dhannsa cho dona, chan fhaca mi riamh!" Agus chuir e a' phait , a bha air a' pheirceall aig a' bhodach cridheil, dhan pheireceall aig a' bhodach reasgach. A-nis bha gach aon phait air an dà chuid de a pheireceall.

Ghairm an t-Oni "Rach air falbh! Na thig dhuinn gu bràth!" Dh'fhalbh am bodach cho luath 's a ghabhas. Agus chan robh e dèonach a dhol dha na Oni tuilleadh.

Crìoch

2012-02-05

Setsubun: An Lath ron Toiseach an Earraich

B' e Setsubun air an 3 Gearran. 'S e an lath ron tiseach an Earrach a tha ann an Setsubun. Tha mi air pònairean sòighea ròiste a channach. O chionn fhada、thathar ag ràdh gum bi spioratan orca gan nochd air an lath. Tha mi air na uinneagan a fhosglad agus, gan tilgeadh san taigh agus ghairm mi "Falbh a-mach, Oni! Thig a-steach, Sonas!" Bhuail na pònairean tilgte dhan bhalla agus làr agus rinn iad am fuaim. Thathar ag ràdh gum bi am fuaim air às a chur dha na spioratan orca bhon taigh. Tha e traidiseanta cuideachd ceann an sàrdain agus géig a' chuileainn a crochadh air a' gheata ged nach eil mi ga dhèanamh. Tha seo a' cur às dha na spioratan orca cuideachd.

Ceann an sàrdain agus géig a' chuileainn

Tha iomadh seòrsa spioratan orca ann an Iapan ach tha Oni ainmail mar spioratan orca a tha a' nochdadh air Setsubun. 'S iad uabhais coltach ri samhanach le adhrc no dha. Tha an corp dearg no gorm agus féithean-móra orra. Tha iad gleadhrach gu cumanta ach càirdeil uaireanan.

Oni

Ann an beagan roinnean, tha a' mhuinntir a' smaointinn gur e basaillean a' dhè a tha annta agus tha iad a' gairm "Thig a-steach, Oni! Thig a-steach, Snas!"

Setsubun: http://en.wikipedia.org/wiki/Setsubun (Beurla)
Oni: http://en.wikipedia.org/wiki/Oni_(folklore) (Beurla)

Na pònairean sòighea ròiste a cheannaich mi. Thug am buth dhomh masc de Oni.

2012-02-03

Maighstir Ninja air a chur ann an àrd-ollamh den Oilthigh Mie

Tha Jinichi Kawakami, maighstir Ninja air a chur ann an àrd-ollamh den Oilthigh Mie. Bidh e a' rannsachadh an eòlais agus nan sgilean aig Ninja. Thuirt e "Tha mi airson Ninja fìor fhaighinn a-mach agus a nochd an eòlas agus na sgilean feumail an lath diugh."

Jinichi Kawakami,

Thòisich e ionnsachadh an eòlais agus nan sgilean aig Ninja san sgoil de Banke Shinobinoden nuar a bha e sia bliadhna a dh'aois agus ghabh e 'na neach-ionaid nuair a bha e 18 bliadhna a dh'aois. Tha e a' cumail na sgoil agus 'na shtiùiriche den taigh-tasgaidh Ninja ann an Siorramach Mie.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012013190211254.html
Banke Shinobinoden Kenshujo: http://www.eonet.ne.jp/~bankeshinobi/ (Beurla)
Taigh-tasgaidh Ninja: http://iganinja.jp/en/index.html (Beurla)
Modern Schools of Ninjutsu: http://en.wikipedia.org/wiki/Jinichi_Kawakami#Banke_Shinobinoden (Beurla)

Jinichi Kawakami (1)


Jinichi Kawakami (2)

2012-02-02

Disney Brèige

Air an 28 Faoilleach, tha neach-dèanamh-prògramain air a nochdadh gun d'fhuair e post-dealain bho Disney. Chanadh Kotoha ris air eadar-lìon. Bhe e a' nochdadh Hanako, an nobhail aige air an làrach-lìn aige agus tha i a' còrdadh ri mòran daoine.

Bha e a' dèanamh geama eile cuideachd far a bheil Mickey Mouse ga nochdadh mar nàmhaid ris a chanadh "Luch Dhubh". Agus tha an litir bho Disney ag ràdh gun robh an caothach dearg orra agus tha iad a' dol a thogadh casaid an aghaidh airson stad a dhèanaimh agus 6 mllean yen de na callaidhean.

Bha an t-eagal air Kotoha agus tha e air an làrach-lìn a dhùnadh agus stad a chur do a h-uile obair mar neach-dèanamh-prògramain. Ach...

An geama a bha Kotoha a' dèanamh.

Air dha a dhol ann an dàil Disney, tha e air a chluinntinn nach eil gnothach sam bith aig Disney ris na litrichen sin idir. 'S e litrichean brèige a bha annta!

Ach bha e air oillteachadh gu trom. Tha briseadh slàinte na h-inntinn air agus tha e ag ràdh gu bheil e aindeònach a bhith a' dèanamh geama sam bith agus gum bi e a' fagail eadar-lìon.

Bha e mì-chùramach ach tha mi a' faireachdainn beagan co-mhothachadh dha. Agus tha mi a' smaoinntinn gum feum mise a bhith cùramach gu lèor.

B! News: http://b.hatena.ne.jp/articles/201201/7433
@kotoha_amorico: https://twitter.com/#!/kotoha_amorico
Hanako: http://hanakovn.web.fc2.com/

Hanako

Còrr is 400 Trillean de Easbhaidh sa Bhuidsead fa Dheòigh

Air an 31 Faoilleach, tha Ministrealachd an Ionmhas air a nochdadh gu bheil easbhaidh sa bhuidsead air fhàg as moth na 400 trillean yen. 'S e a' chiad uair a tha an easbhaidh nas motha na 400 trillian.

Bha an easbhaidh nas lugha na 300 trillean ann an 2007 ach tha i air a fhas gu luath seachad ri linn Lehman Shock agus atharrachadh an riaghaltais.

Ministrealachd an Ionmhas

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/news/category/article/g=96958A9C93819481E1E3E2E18B8DE1E3E2E3E0E2E3E09797E0E2E2E2;at=DGXZZO0195164008122009000000

2012-02-01

Gun Clàr ann an Miyagi agus Fukushima Cuideachd

Air an 30, tha an aire air a thoirt nach robhair a' dèanamh clàir aig co-labhairtean de gach Prìomh-oifis Èiginn Freagairt Dunaidh ann an Miyagi agus Fukushima.

Chan eil clàr air a dhèanamh ann an Prìomh-oifis Èiginn Freagairt Dunaidh ann an Miyagi idir an dèidh Crithe-thalamhain Mhòr Sgìre Tohoku ach tha an siorramachd ag ràd gu bheil a h-uile co-labhairt fosgaile dhan phoball agus nach eil tha trioblaid air foillseachadh.

Seòmar Riaghladair Siorramachd Miyagi

Tha an siorramachd ag ràdh cuideachd gun robh iad a' cumail ceither co-labhairtean direach air an 11 agus 94 co-labhairtean eadar an 11 Màrt agus an 20 Damhair. Bha iad ro trang airson clàr a dhèanamh.

Chan eil clàr air a dhèanamh ann an Prìomh-oifis Èiginn Freagairt Dunaidh ann an Fukushima airson 6 làithean an dèidh na crithe-thalamhain. Ach tha an siorramachd air a bhith a' dèanamh clàr bhon 7 Màrt.

Asahi.com: http://www.asahi.com/politics/jiji/JJT201201300059.html