2012-01-01

Chaidh sinn do Chamacura [1]

Chaidh sinn, mi fhìn agus mo nighean do Chamakura a tha aon uair gu leth bho Thòcèo air trèanaichean. 'S e prìomh-bhaile Iapanach eadar 1180-1333 a bha ann an Camacura. Tha Cèoto fada nas ainmeile ach 's e baile breagha a tha ann an Camakura agus 's toigh leam a thadhal air.

Chaidh sinn do Chamakura air Enoden. 'S e trèan èibhinn a tha ann an Enoden. 'S e trèan gu soilleir ach tha a' chuid den rathad-iarainn a' dol air an rathad mar trama. Tha an rathad-iarainn a' dol air meadhan an rathad agus biodh na càraichean a' dol air na dà thaobhan nuair a biodh an trèan a' tighinn. Bidh sinn a' sealladh na mara air an trèan air a' chuid den rathad-iarainn. Tha Enoden a' còrdadh riuinn gu fìor.


Enoden


Thathar a' faicinn geata an taighe. 'S dòcha gum bi an luchd-còmhnaidh a' coiseachd os cionn an rathad-iarainn agus a' tighinn a-steach dhan taigh.


Enoden air an rathad. Thathar a' faicinn na aire "Thoir an rathad dhan trèan." air an rathad.


Enoden ann an dealbh eile ann an Shichirigahama.


Seo an tràigh de shichirigahama. Seallaidh sibh Eilean Enoshima air fàire.


Thug mi an aire gu bheil sinn a' faicinn Beinn Fuji eadar Eilean Enoshima agus an tìr.

An toiseach, dh'falbh aig Steisean Sichirigahama. Choisich sinn dhan tràigh agus bha a' mhuir glè bhreagha. Bha i fuar ach daoine a' iasgach, a' leigeil suas itealag no a' surfadh. An dèidh sin, chaidh sinn do Hase air Enoden airson Iomhaigh Bhuddha a shealladh. Tha an ìomhaigh ann an  Còtocuin, an teampall agus thathar ag ràdh gu bheil an ìomhaigh air a dhèanamh anns an 13mh linn. Tha 11.39 meatairean a dh'àirte. Chan eil e glè mhòr ach an cumadh glè mhath.

Ri leantainn.


Iomhaigh Bhuddha

Kamakura Travel Guide:  http://www.japan-guide.com/e/e2166.html  (Beurla)
Còtocuin: http://en.wikipedia.org/wiki/K%C5%8Dtoku-in (Beurla)


Iomhaigh Bhuddha

No comments:

Post a Comment