2012-01-02

Chaidh sinn do Chamacura [2]

An dèidh tadhal air Còtocuin, gabh sinn biadh meadhan-latha ann an seòmar tì. Tha iasgach glè ghnìomhach ann an Camacura agus baoit gheal, iasg òg à Camacura blasda gu sònraichte. Agus dh'ith sinn baoit gheal air rìs. Bha seo glè mhath.

Shirasu Gohan, baoit gheal air rìs.

An dèidh sin, chaidh sinn do Hasedera, an teampall. Thathar ag ràdh gu bheil Hasedera air a shtèidheachadh san 8mh linn. Ach tha am mion-chunntas tuilleadh neo-aithnichte.

A' coiseachd seachad air an geata mòr agus a' dìreadh na staidhre suas, ràinig sinn air an teampall mòr air an cnoc. Tha an togalach an tiompaill fhèin ùr agus air a dhèanamh san 20mh linn. 'S e an ìomhaig Guanyin òrach mòr leis na 11 aodainn (9.18 meatair a dh'àirde) a tha a' seasamh san teampall ach tha e air a thoirmeasg a ghabhail dealbh. 'S e clàr a' chàireadh ann an 1485 a tha air an aire a thoirt ach tha am mion-chunntas tuilleadh neo-aithnichte.

Tha an taigh-tasgaidh agus an seòmar tì san làrach. Bha deochannan agus biadhan rim faighinn san teant agus fhuair sinn Manju, seòrsa mìlsein agus Amazake, deoch mhilis dhèante de rìs. Bha iad glè mhath. Bha sealladh na mara os cionn a' bhaile glè breagha.

Ri leantainn.

An geata mòr aig Hasedera

An togalach mòr ann an Hasedera. Tha an ìomhaig ann.

Sealladh na mara os cionn a' bhaile

An seòmar tì ann an Hasedera. Tha an togalach san dealbh thraidiseanta agus bhreagha.

No comments:

Post a Comment