2012-01-31

Seabhan air Chall

Tha Roinn Poileais Prìomh-bhailteach air cunntas a thoirt air na seabhan air chall. Agus thathar a' nochdadh gun d'fhuair Ionad nan Seabhan air Chall den roinn mu 2,906 mìle seabh ann an Tòcèo ann an 2011. Tha an àireamh seo 3.4% nas motha na an uiridh agus 's e an clàr as motha a tha innte cuideachd.

Ionad nan Seabhan air Chall

Tha na seabhan a' toirt a-staigh mu 2.8 billean de airgead ullamh. Tha dà bhillean dhiubh air a thoirt air ais dha na sealbhadairean, leth bhillean air a thoirt dha na daoine a tha air a lorg fhaighinn agus 0.3 billean air a thoirt do Phrìomh-bhaill Tòcèo.

Tha na seabhan a' toirt a-staigh searbhadairean agus stocan (460 mìle), sgàilean-uisge (330 mìle), fuinne-làimhe (130 mìle) cuideachd.


No comments:

Post a Comment