2012-01-04

Chaidh sinn do Chamacura [3]

A' fàgail Hasedera, fhuair sinn Enoden a-rithst. A' fàgail Steisean Camacura, rinn sinn air Tsuruoka Hachimangu, an naomh-chobhan. Bha sinn a' coiseachd air Rathad Komachi far a bheil iaomadh bùth. Agus bha iad uile fosgailte eadhon air an 31 Dùbhlachd.

Thog Yoriyoshi Minamoto teampall ris a chanadh Iwashimizu Hachimangu ann an Yuigou Tsuruoka ann an 1063. Chuir Yoritomo Minamoto roimhe a bhaile ùr a thogadh ann an Camacura agus dh'imrich e an teampall sin ann an 1180 dhan àite an lath diugh sa mheadhan a' bhaile agus dh'ainmeachadh e mar Tsuruoka Hachimangu.

Bhuannaich e iomadh blàr agus thug an t-iompaire dha na còraichean an riaghaldh Iapan an àite an iompaire. Stéidheaich e a riaghaltais ann an Chamacura agus bha e a' cumail taic ris an teampall. Ach fhuair an t-iompaire an tighearnachd ann an 1868, chuir e às dhan sagartan, mhill e an tùr, an clag agus an Iomhaigh Bhuddha, loisg e na Sutran agus dh'atharraich e an t-iompaire dhan naomh-chobhan .



Sràit mhòr dhan cheacar. Bha mòran teantan oirre agus iomadh biadh rim faighinn. Chan robh ach beagan daoine ach thigeadh iomadh daoine air Callain.

Seo Maiden, àrd-urlar an dannsa. Thèid a chumail iomadh tachartas a' chreideaimh. (Seall seo.)

Seo an togalach mòr a tha air a thogail ann an 1828. Tha e air a thoirmeasg a ghabhail dealbh na h-altair.

Sealladh bhon togalach mhòr. Chi sibh an sràit mhòr seachad air Maiden.

Seo am baile Camacura. Bha an soilleireachadh glè bhreagha.

Bha sinn ag ithe iomadh seòrsa isbeanan agus hama sa bhùth ionadail. Bha an leann ionadail math cuideachd.

An dèidh tadhal air Tsuruoka Hachimangu, bha sinn a' coiseachd air an sràit mhòr dhan steisean trènichean. Bha iomadh bùth air an sràit agus a' còrdadh ruinn. Fhuair sinn a-mach bùth math agus dh'ith sinn agus dh'òl sinn beagan.

Fhuair sinn trèn air Lìn Keihin-Tohoku agus bha sinn a' dol dhachaigh.

Seo ar turas beag air an 31 Dùbhlachd. Bha lath math againn!

Crìoch.

Seo Lìn Keihin-Tohoku.

Am broinn na trèan.

Tsuruoka Hachimangu (Oifigeil): http://www.tsurugaoka-hachimangu.jp/ (Beurla)
Tsuruoka Hachimangu (Wiki): http://en.wikipedia.org/wiki/Tsurugaoka_Hachiman-g%C5%AB (Beurla)
Yoriyoshi Minamoto: http://en.wikipedia.org/wiki/Minamoto_no_Yoriyoshi (Beurla)
Yoritomo Minamoto: http://en.wikipedia.org/wiki/Minamoto_no_Yoritomo (Beurla)

No comments:

Post a Comment