2012-03-21

17 Bliadhna an Dèidh na Ionnsaigh Gas Sarin

Air an 20 Màrt, tha 17 bliadhna air a dhol seachad o chionn a bha Oum Sgunrikyo, an cult Iapanach air an ionnsaigh gas Sarin a dhènamh san rathad-iarainn fon talamh. Bha seirbheis chuimhne air cumail san stèisean trèanaichean Kasumigaseki. Air do aon den luchd-frithealaidh flùraichean a thoirt, thuir e, "Tha a' chùis a' leantainn fhathast."

San seirbheis chuimhne san stèisean trèanaichean Kasumigaseki

Mu ochd uairean sa mhadainn air an 20 Màrt 1995 bha Aum Shinrikyo air Sarin a chrach sna còig trèanaichean. Bhàsaich 13 daoine agus bha cron air a dhèanamh air còrr is 6,300 duine.

Air an 22 Màrt 1995, chuir am poileas Shoko Asahara, an ceannard agus na 13 luchd-leanmhainn an greim. Agus fhuair Asahara agus naonar luchd-leanmhainn am binn-bhàis. Air an 31 Dùbhlachd, chuir am poileas Makoto Hirata an greim. Ach tha dithis neach-leanmhainn a' dol às fhathast.

Bha boireannach sa stèisean Kodenmacho air an lath agus rinn gas Sarin cron air a sùilean. Air dhi flùraichean a thoirt, thuir i, "Bidh mi lan de fhearg agus fhaireachdainn chruaidh air an lath a h-uile bliadhna. Bidh a' chùis a' leantainn gus am bi a h-uile murtair air a chur an greim, a h-uile fulangaiche air fàs gu math agus a h-uile inntinn bhochd air fàs slàn."

Tokyo News: http://www.tokyo-np.co.jp/article/national/news/CK2012032102000029.html
Sarin gas attack on the Tokyo subway: http://en.wikipedia.org/wiki/Sarin_gas_attack_on_the_Tokyo_subway
Aum Shinrikyo: http://en.wikipedia.org/wiki/Aum_Shinrikyo

No comments:

Post a Comment