2012-03-12

Trì Mìle Duine a' toirt Casaid a Chur an Aghaidh Ionaid Niucleasach

Tha mu trì mìle duine air casaid a thoirt air Buidheann Chumhachd Dealain Kyushu a chur stad air Ionaid Niucleasach Genkai ann an Baile Genkai, Siorramachd Saga.


Ionad Niucleasach Genkai

An dèidh an sgiorraidh an Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi, tha an riaghaltas a' sìor cur air adhart na ionadan niucleasach fhathast. Ach tha am beachd poblach an aghaidh air a bhith a' fàs nas treasa agus tha iomadh duine ag obair a chur stad air na ionadan noicleasach.

Tha na luchd-lagha air a nochdadh gum bheil iad a' deasachadh a chur casaid air an aon bhuidheann a chur stad air Ionad Niucleasach Sendai ann an Baile Satsumasendai, Siorramachd Kagoshima.


Ionad Niucleasach Sendai

Tha Akira Hasegawa, ceann-feadhna an luchd-casaid ag ràdh, "Is fìor-riochdail gum bi mìle duine a' cur casaid. Atharraicheamaid am poileasaidh niucleasach!"

Tha Buidheann Chumhachd Dealain Kyoshu ag oibreachadh Ionad Niucleasach Genkai agus Ionad Niucleasach Sendai agus a' dèanamh 5,258 mìle kW.

Fios: Tha Sendai (川内), far a bheil  Ionad Niucleasach Sendai, eadar-dhealaichte bho Sendai (仙台) far a bheil air an crith-thalmhain a fhulaing.

No comments:

Post a Comment