2012-03-03

Hinamatsuri

'S e tachartas traidiseanta airson caileagan a tha ann an Hinamatsuri agus bithear ga chumail air an 3 Màrt. Thathar a' cantainn Momo no sekku (Lath tachartais na peitseige) cuideachd. Tha an tachartas seo glè phoipleach agus a' còrdadh ri iomadh teaghlach aig a bheil caileag.

Hinaningyou: Na liùdhagan traidiseannta ann an Hinamatsuri

Bithear a' cur air cois liùdhagan traidiseannta a' dheilbh meadhan aoiseach ron 10-20 làithean. Tha na liùdhagan a' nochdadh pòsaidh ìmpireil meadhan aoiseach.

Air an lath Hinamatsuri, bithear a' cur an dòigh biadh, suiteas agus deoch thraidiseanta, a' cur air cois blàthan na peitseige agus a' cumail pàrtaidh airson fàs fallain nan caileagan. Tha Chirashizushi agus Shirozake cumanta mar am biadh agus an deoch. Thathar a' seinn òrain cuideachd.

Chirashizushi: Seòrsa Sushi. Biadh mar iasg, ugh, glasraichean air rìs geur

Hinaarare: Suiteas traidiseanta air an lath Hinamatsuri

Shirozake: Bidh clann ag òl Shirozake gun dh'alcol.

Tha clàr ann a bhathar a' cumail tachartas mar seo ann an Cèoto anns an Ùine Heian (794-mu 1185) ach chan eil e air a dherabhadh gur e an toiseach a bha ann.

Hinamatsuri: http://en.wikipedia.org/wiki/Hinamatsuri
Ùine Heian: http://en.wikipedia.org/wiki/Heian_period

No comments:

Post a Comment